Còirichean daonna an t-sluaigh
Tha eòlaichean ag iarraidh còirichean daonna an t-sluaigh a chleachdadh airson 's nach cuir uachdarain stad air ath-leasachadh fearainn.
Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a' sireadh bheachdan air reachdas fearainn ùr a bheir iad a-steach.
Tha cuid de dh'uachdarain air gearain gum biodh na planaichean an aghaidh an còirichean daonna.
Ach tha beachd eile air a thighinn am bàrr, gu bheil còirichean daonna aig an t-sluagh air an fhearann cuideachd.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.