BBC Naidheachdan

Dealbh iomain eachdraidheil ga thaisbeanadh

Tha fear de phrìomh eòlaichean na h-iomain ag ràdh gu bheil dealbh a tha a' dol air ais gu meadhan na 19mh Linn am measg nan rudan as luachmhoire a th' ann ann an saoghal na camanachd.

Chaidh an dealbh a shealltainn 'son a' chiad uair ann an còrr is 50 bliadhna Diardaoin.

Bha an dealbh air a thaisbeanadh ann an Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba.