BBC Naidheachdan

Cion nam ban an craoladh naidheachdan

Chan eil boireannaich gu leòr ag obair ann an craoladh naidheachdan, a-rèir aithisg bho Chomataidh Thaghte a' Chonaltraidh ann an Taigh nam Morairean.

Tha grunn mholaidhean aca do na buidhnean craolaidh a bheireadh, nam beachd-san, piseach air cùiisean.

Nam measg, tha iad a' moladh barrachd bhoireannaich nas sine a tharraing chun na h-obrach.