Dotair Ebola air ais ag obair
Tha dotair bhon Ghàidhealtachd a bha ag obair le daoine air an robh Ebola ann an Sierra Leone, air tilleadh a dh'obair ann an Drochaid a' Bhanna.
Bha an Dotair Christopher Mair air a phleana dhachaigh còmhla ris an nurs Pauline Cafferkey, a tha fhathast san ospadal ann an Lunnainn às dèidh dhise Ebola a thogail.
Chaidh Seonaidh MacCoinnich a bhruidhinn ris.
- Air fhoillseachadh
- Earrann
- Naidheachdan