Casg air postairean taghaidh
Chan fhada a-nis gun tòisich postairean taghaidh a' nochdadh thall 's a-bhos, 's gun fiù 's còig mìosan ri dhol chun an taghaidh choitchinn anns a' Chèitean.
Tha deasbad a' dol mu co-dhiù bu chòir casg a bhith air na postairean sin bho bhith gan cur air togalaichean agus solais sràide.
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid am measg na th' air leithid de chasg a chur an sàs.
Tha Andreas Wolff ag aithris.