Naidheachdan 11:00m

Tha Daibhidh Camshron ann an Alba an-diugh, le dreach de na molaidhean a bhios ann an Aonta Mhic a' Ghobhainn air tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba. Am measg sin tha làn-smachd air cìs teachd-a-steach, pàirt de theachd-a-steach a' VAT, agus cìs adhair an APD. Ged a gheall na Tòraidhean, na Làbaraich agus na Lib-Deamaich gun tachair sin an dèidh an taghaidh choitchinn anns a' Chèitean, tha an SNP ag ràdh nach eil na cumhachdan sin a' dol fada gu leòr.

Tha riochdairean bho chòrr is 20 dùthaich a' coinneachadh ann an Lunnainn an-diugh a dheasbad mar as fheàrr smachd a chur air a' bhuidhinn Islamic State. Tha iad a' coimhead ri taic-airgid a ghearradh, smachd a chur air aire phoblach na buidhne, agus a' bhuaidh a th' aig IS air daoine òga a tha iad a' tarraing à dùthchannan eile gu cogadh jihad ann an leithid Siria agus Iorac.

Tha dùil ri fios bho bhanca na h-Eòrpa an-diugh fhathast gun tèid luach cheudan billean de dh'airgead ùr a chruthachadh, 's am banca a' feuchainn ri fàs eaconamach a bhrosnachadh ann an sgìre an Euro. Thèid an t-airgead a thoirt air iasad do dhùthchannan a tha feumach air fon phròiseas ris an canar Quantitative Easing. Tha dragh air a' Ghearmailt gu h-àraid mun sgeama, 's iad ag ràdh nach leasaich sin idir trioblaidean bunaideach an Eurozone.

Tha e coltach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a dhùnadh cha-mhòr a h-uile ionad seirbheis a bha iad a' cur romhpa a dhùnadh. Dh'innis an t-ùghdarras ionadail an-uiridh gun robh iad am beachd mu dhà thrìan de na h-ionadan sin a dhùnadh. Agus ged a bha connspaid ann mu dheidhinn sin, bithidh a' Chomhairle, a rèir an fhiosrachaidh a th' aig Radio nan Gàidheal, a' dùnadh mu 20 dhiubh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air fiosrachadh a thoirt do riaghladair a' Chumhachd, Ofgem, a tha a' rannsachadh dhòighean-obrach SSE. Tha ceannardan na Comhairle ag ràdh gu bheil na h-uimhir de cheistean aca a dh'fhaodadh iad a thogail mu cheangail ris a' Ghriod Nàiseanta, a' chìs a bharrachd a th' air dealan anns na sgìrean iomallach, agus trioblaid a th' aig sgeamaichean chumhachd ath-nuadhachail anns a' choimhearsnachd.

Chomharraich a' bhuidheann a tha an dòchas taigh-spadaidh a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach làrach ann am Port Rìgh a bhuineas do dh'Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha 20 bliadhna ann bho dhùin an taigh-spadaidh a bh' ann am Port Rìgh. Tha iad den bheachd gun cosgadh e mu £600,000 taigh-spadaidh beag a stèidheachadh.