Ionadan-seirbheis gan dùnadh
Dh'fhaodadh còrr is 20 de dh'ionadan-seirbheis Chomhairle na Gàidhealtachd dùnadh.
Bha buaireadh ann an-uiridh nuair a thuirt iad gun dùineadh dà thrìan dhiubh.
Tha Comhairlichean air a bhith a' coimhead air an fheum a th' air na h-ionadan, 's air co-dhùnadh Diardaoin nach eil uimhir de dh'fheum orra ri linn seirbheisean fòna agus eadar-lìn.