Faisg air £10m do choimhearsnachdan air na costaichean
Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum faigh 27 coimhearsnachd mu chostaichean na h-Alba buannachd à stòras luach faisg air £10m.
Thuirt Àrd-rùnaire Roinn an Ionmhais, Danaidh Alexander gun tèid an t-airgid a chleachdadh airson cuideachadh a thoirt do phròiseactan a bhrosnaicheas an eaconomaidh, turasachd agus an àrainneachd.
- Air fhoillseachadh
- 27 Am Faoilleach 2015
- Earrann
- Naidheachdan