Tuilleadh airgid a dhìth son dialysis
Tha cuid ann an Ceann Loch Chille Chiarain feargach mu mar a làimhsich an NHS na h-oidhirpean gus aonad dialysis a stèidheachadh sa bhaile.
Dh'aontaich a' choimhearsnachd ri £38,0000 a thogail gus cuideachadh leis a' chosgais.
Ach a-nis, airson an dàrna uair, tha an NHS ag iarraidh barrachd 's iad a' cumail a-mach gu bheil a' chosgais air a dhol suas.