Taigh-staile ùr air an Tairbeart sa Cheitean
Tha companaidh-staile na Hearadh air innse gu bheil iad an dòchas an taigh-staile tha iad a' togail air an Tairbeart fhosgladh sa Cheitean.
Bidh e fosgailte dhan choimhearsnachd agus do luchd-turais, agus tha e mar-thà air 10 cosnadh a chruthachadh.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gum bu chòir gun cum e cosnaidhean math ri daoine airson iomadach bliadhna.