£2m airson Niseag

Chaidh iomairt margaidheachd ùr luach £2m fhoillseachadh airson na mìltean luchd-turais a bharrachd a thàladh dh' Alba - a' cleachdadh uilbheist Loch Nis.

'S e buidheann turasachd Bhreatainn, VisitBritain, a tha ga cuir air chois le airgead bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Tha an gnìomhachas mun cuairt air Loch Nis ag ràdh gun dùblaich seo an cothrom margaidheachd aca ann an dùthchannan cèin.