BBC Naidheachdan

Aonta mu mhàl chroitean Shlèite

Dh'aidich Urras Chlann Dòmhnaill an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich gu robh an dòigh san do dh'iarr iad àrdachadh mòr ann am màl bho chroitearan na h-oighreachd ceàrr.

Aig coinneamh oidhche Ardaoin thàinig an t-uachdaran agus na croitearan gu aonta ùr.

Tha ceist ann, ge-tà, mun chron a rinn an suidheachadh air an dàimh eatorra.