Coinneamhan an Leòdhas mu thuath-gaoithe
Thèid sreath de choinneamhan a chumail an t-seachdain seo gus innse do chroitearan ann an Leòdhas an t-airgead a gheibh iad bho thuath-gaoithe mòr faisg air Steòrnabhagh.
'S ann air mòintich a bhuinneas do sgìre an Rubha is Sanndabhaig a bhios a' phròiseact stèidhichte, ged nach eil fhios fhathast an tig a' phròiseact air adhart agus e an urra ri càball-mara tarsainn a' Chuain Sgìth.
- Air fhoillseachadh
- 2 An Gearran 2015
- Earrann
- Naidheachdan