NHS na Gàidhealtachd ga cheasnachadh
Thèid aithisg mun staing ionmhais anns a bheil Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd a chur gu Riaghaltas na h-Alba.
'S ann glè ainneamh a bhios Comataidh nan Cunntasan Poblach a' dèanamh a leithid.
Bha a' chomataidh ann an Inbhir Nis Diluain agus chaidh cruaidh cheasnachadh a dhèanamh air an triùir as àirde san t-seirbheis slàinte.
Chaidh ceistean a thogail mu carson a thàinig orra iasad de £2.5m fhaighinn bhon Riaghaltas an-uiridh.