BBC Naidheachdan

Dragh mu Sgoil Eolaigearraidh

Tha iomagain air pàrantan le cloinn ann am Bun-sgoil Eolaigearraidh ann am Barraigh gum bi dùnadh na sgoile a' togail ceann a-rithist.

Tha Comhairle nan Eilean Siar airson còmhradh coimhearsnachd a chumail mu thogailichean Sgoil Bhàgh a' Chaisteil.

Ach ged a thuit an àireamh na cloinne ann a Sgoil Eolaigearraidh an-uridh, tha dùil gun èirich iad am-bliadhna.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.