Buidheann ùr chùraim sna h-Eileanan
Tha cothrom ga thoirt do mhuinntir nan Eilean Siar am beachdan a thoirt air sgeama a bheir seirbheisean cùraim nan Eilean ri chèile.
Tha Bord Slàinte agus Comhairle na sgìre air dreach phlana aontachadh airson na seirbheisean cùraim aca a thoirt còmhla.
Thèid ceannard fhastadh a dh'aithghearr a thèid os cionn na buidhne ùr sa Ghiblean.