BBC Naidheachdan

Dàil air plana Achadh na Creige

Chaidh dàil air co-dhùnadh air na bhios an dàn do sheann sgoil Achadh na Creige ann am meadhan an Òbain.

Cha deach aig comhairlichean tighinn gu aonta air planaichean Urras Coimhearsnachd an Òbain airson an togalach a leasachadh mar ionad chultarail.