BBC Naidheachdan

Àireamhan Sgoil an Iochdair a' tuiteam

Tha Comhairle nam Pàrant aig sgoil an Iochdair, ann an Uibhist a Deas, air coinneamh iarraidh le Àrd-Oifigeir Chomhairle nan Eilean Siar, 's iad iomagaineach mu mar a tha àireamh na cloinne aig an sgoil a' tuiteam.

Thuirt iad cuideachd gu bheil goireasan na sgoile a' tuiteam air dheireadh air na sgoiltean mun cuairt orra, ged a tha a' Chomhairle air obair a dhèanamh leis an togalach.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.