BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuit an àireamh a bha gun chosnadh ann an Alba air na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh mu 15,000 gu beagan nas lugha na 150,000. Thuit an àireamh a bha gun obair air feadh Bhreatainn eadar an Damhair agus an Dùbhlachd dhan ìre as lugha ann an sia bliadhna, gu 1,860,000.

Rinn luchd-casaid anns an Eilbheis rèad air oifisean banca prìobhaideach HSBC ann an Geneva, 's iad a' rannsachadh chasaidean gu bheil am banca a' falach airgid do dhaoine a tha a' seachnadh chìsean. Thuirt am banca gun do dhùin iad cunntasan banca nach eil a' tighinn a rèir nan riaghailtean agus inbhe ris am biodh dùil aig HSBC.

Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil na sia companaidhean cumhachd mòra a' cur phrìsean nas motha air luchd-cleachdaidh a tha dìleas dhaibh, seach feadhainn a bhios a' gluasad bho chompanaidh gu companaidh airson cùmhnant nas saoire. Tha an aithisg bho Ùghdarras na Farpais agus Margaidh ag ràdh gu bheil mòran a' call faisg air £250 gach bliadhna leis nach eil iad a' faighinn cùmhnant nas fheàrr le bhith ag atharrachadh na companaidh a tha a' reic dealain no gas riutha.

Thuirt am Prìomhaire Dàibhidh Camshron gur e adhbhar dragh a bhiodh ann an co-bhanntachd eadar an SNP agus na Làbaraich mura biodh mòr-chuid aig taobh seach taobh anns an taghadh choitcheann anns a' Chèitean. Thuirt Mgr Camshron gum biodh sin a' ciallachadh riaghaltas anns am biodh feadhainn a tha ag iarraidh an Rìoghachd Aonaichte a bhriseadh às a chèile.

Nì bàta-slaodaidh cobhair air bàta cargo a chaidh air tìr ann an Àird nam Murchan. Chaidh an Lysblink Seaways, anns a bheil mu 400 troigh de dh'fhaid air tìr faisg air Cille Chòmhghain mu 02:00m an-diugh ann an droch shìde. Cha deach duine a ghoirteachadh, agus tha e coltach nach eil an soitheach ann an cunnart mòr sam bith. Thèid feuchainn ri a cur air bhog a-rithist le muir-làn.

'S tha droch shìde a' cur maill air seirbheisean aiseig Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn. Cha bhi seòladh idir an-diugh eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh, agus cha bhi seirbheis nas motha eadar an t-Òban, Bàgh a' Chaisteil agus Loch Baghasdail an-diugh. Bha aiseag Chaolas Bharraigh na tàmh anns a' mhadainn agus iad a' toirt sùil air an t-suidheachadh an sin an-dràsta fhèin. Tha Cal Mac ag ràdh gu bheil coltas ann gun cuir neart na gaoithe maill air neo stad uile gu lèir air na h-uimhir de na seirbheisean eile feasgar.