Àrdachadh màl sa Mhargaidh Bhictorianaich
Tha àrdachadh ann am màl bhùithdean sa Mhargaidh Bhictorianaich ann an Inbhir Nis a' fàgail gun dùin co-dhiù aon bhùth, is mòran eile iomagaineach mun àm ri teachd.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil feum air àrdachadh airson obair-càraidh a dhèanamh agus airson an togalach a chumail.
Ach tha cuid sa mhargaidh a tha ag ràdh gu bheil an t-àrdachadh de suas ri 30% fada cus.
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ag aithris.