BBC Naidheachdan

Dragh mu sheirbheis mheadaigich Ghlinn Eilge

Tha fìor dhragh air muinntir Ghlinn Eilge agus atharrachadh air fàire air an t-seirbheis mheadaigich taobh a-muigh uairean-obrach àbhaisteach.

Tha NHS na Gàidhealtachd am beachd atharrachadh mòr a thoirt air an t-seirbheis air feadh na sgìre 's iad ag ràdh nach eil i seasmhach - gu h-àraidh ann an àitichean iomallach mar Ghleann Eilg far a bheil dotair locum ag obair air an deireadh-sheachdain.

Dh'aontaich am Bòrd gun tèid sgrùdadh a dhèanamh - am measg eile - air an gabh seirbheis ciad chobhair air neo "telebooth" a stèidheachadh far am bi daoine a' bruidhinn ri luchd-meadaigeach tro cheangal bhideo.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.