Linn ùr aig Oifis a' Phuist an Dalabrog
Bithear an ath-sheachdain a' comharrachadh deireadh linne aig Oifis a' Phuist ann an Dalabrog, an Uibhist a Deas.
Tha an tè a th' air a bhith ga ruith còrr air 40 bliadhna a' leigeil dhith a dreuchd.
Ach, le doras a' dùnadh, tha tèile a' fosgladh, 's fear eile ga gabhail thairis.
Bha dragh ann an-uiridh gun dùineadh an oifis buileach, ach cha do thachair sin.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.