Subsadaidh ga dhiùltadh do thuath-gaoithe
Dh'fhailich air pròiseact mòr thuathan-gaoithe aig muir a tha san amharc ann an Linne Mhoireibh subsadaidh fhaighinn bho Riaghaltas Bhreatainn.
Chaidh cùmhnantan ainmeachadh Diardaoin airson 11 de thuathan-gaoithe an Alba airson dealan a chumail ris a' Ghriod Nàiseanta.
Bha tuath mòr aig muir far cladaich Fìobha nam measg.
Ach tha e na bhriseadh dùil do mhòran air a' Ghàidhealtachd nach robh tuath mara Linne Mhoireibh air an liosta.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.