Ionad Hiort ga thòiseachadh an ceann dà bhliadhna
Dh'fhaodadh gun tòisich obair air Ionad Hiort an ceann dà bhliadhna.
Sin na chuala daoine a chruinnich ann an Steòrnabhadh Diardaoin airson mìneachadh fhaighinn air na diofar dhòighean anns am faodadh am pròiseact ann an Ùige Leòdhais a thoirt gu buil.
Aon uair 's gun tèid a thogail tha dòchas ann gum bi an t-ionad na phrìomh ghoireas turasachd do dhaoine a tha a' tadhail air na h-Eileanan an Iar.
Tha an aithris seo aig Catriona NicIlleathain.