Naidheachdan 11:00m
Cha tàinig ionadan tubaiste agus èiginn aig ospadail na h-Alba air an targaid air a' mhìos a chaidh airson sealltainn ri euslaintich an taobh a-staigh ceithir uairean de thìde. Tha na h-àireamhan ag ràdh gur e 87.1% de dh'euslaintich ris an deach sealltainn an taobh a-staigh na h-ùine sin, ged a tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air 94%.
Thàinig clàradh am follais de Mohammed Emwazi bliadhnaichean mus deach e dhan Stàit Ioslamaich, agus mus tugadh am far-ainm "Jihadi John" air. Anns a' chlàradh bho 2009, tha Emwazi ag innse mu cheasnachadh a rinn MI5 air. Chaidh e às àicheadh gur e radaigeach a bh' ann, agus e a' gearain mun dòigh san do dhèilig na seirbheisean brathaidh ris. Thuirt a' bhuidheann Mhuslamach, Active Change, a tha a' strì an aghaidh radaigeachd, nach e leisgeul sam bith a tha sin ge-tà airson an t-seòrsa eucorra a thathas a' fàgail air Emwazi.
Thuirt poilis ann am Bristol a tha a' coimhead airson na h-ìghne Becky Watts, gun d' fhuair iad pìosan bodhaige. Chaidh Becky, a tha 16 bliadhna de dh'aois, a dhìth bho a dachaigh bho chionn còrr is seachdain. Tha dithis an grèim fo amharas gun do rinn iad murt.
Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba a' dèanamh òraid an-diugh air plana eaconamach an Riaghaltais aice. Tha Nicola Sturgeon a' moladh cothromachd agus co-ionnanachd, seach cùmhnadh airgid agus gearraidhean. Agus thig gealltanas bho Jim Murphy, Ceannard nan Làbarach an Alba, nach biodh riaghltas Làbarach ann an Holyrood a' stèidheachadh chìsean oileanach. Tha Mgr Murphy a' coinneachadh ri oileanaich ann an Glaschu an-diugh.
Tha Steòrnabhagh am measg nan àiteachan air a bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh fhathast airson stèisean fànais a stèidheachadh ann. Thàinig an Riaghaltas dhan cho-dhùnadh nach eil raointean Feachd an Adhair ann an Inbhir Lòsaidh agus Ceann Lois freagarrach, leis gu bheil iad cudromach do dhìon na dùthcha. Tha Steòrnabhagh, Ceann Loch Chille Chiarain, Preastabhaig, agus Luachair ann am Fìobha fhathast air an liosta.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air an uidheamachd a tha a' tomhas neart na gaoithe air Drochaid an Eilein Sgitheanaich an dèidh cho tric 's a bha an drochaid dùinte air na sia mìosan mu dheireadh. Tha na figearan oifigeil ag ràdh gun robh i dùinte cha-mhòr 100 turas do charbadan àrda eadar an t-Sultain agus am Faoilleach. Agus dùinte gu lèir 14 tursan. Cha robh i dùinte gu lèir ach aon turas air an dà bhliadhna ron a sin.