Urram do Chluba Ghoilf Gheàrrloch?
Gheibh Cluba Goilf Gheàrrloch a-mach a dh'aithghearr a bheil iad gu bhith aithnichte mar chluba na bliadhna airson òigridh aig duaisean nàiseanta a' ghoilf.
Chaidh an cluba ainmeachadh air a' gheàrr-liosta air sgàth na h-oidhirpe mòire a tha iad air a dhèanamh òigridh na sgìre a thàladh chun na spòrs, leis na h-àireamhan air dùblachadh sa bliadhna mu dheireadh.
Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 3 Am Màrt 2015
- Earrann
- Naidheachdan