Sgrùdadh air uidheamachd Drochaid an Eilein
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air an uidheamachd a tha a' tomhas neart na gaoithe air Drochaid an Eilein Sgitheanaich, an dèidh ghearainnean mu cho tric 's a tha i air a bhith dùinte thairis air na sia mìosan a dh'fhalbh.
Choinnich Còmhdhail Alba, BEAR Scotland, na Poilis agus comhairlichean an Eilein - an t-seachdain seo chaidh 'son chòmhraidhean mun chùis.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.