Naidheachdan 11:00m

Tha figeran ùra bho Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun tàinig adhartas air ionmhas poblach na h-Alba. Tha na figearan sin fhathast beagan nas miosa na tha àireamhan na Rìoghachd Aonaichte air fad. Bha easbaidh ann, ach bha sin sìos bho chòrr is £14bn gu £12bn air a' bhliadhna-ionmhais gu Earrach an-uiridh.

Thuirt am morair Tòraidheach, am Morair Grade, a thug ùine mar chathraiche air ITV agus am BBC, gun do rinn na companaidhean telebhisein butarrais de na deasbadan ron taghadh choitcheann. Thuirt am Morair nach urrainn dhan BhBC cathair falamh a chur an àitea a' Phrìomhaire anns na deasbadan telebhisein, oir gum briseadh sin riaghailtean cothromachd a' BhBC fhèin.

Tha poilis san Fhraing a' coimhead airson buidheann le gunnaichean a ghoid luach milleanan not de sheudan. Chuir a' bhuidheann stad anns a' mhadainn an-diugh air dà an bhana a bha a' giùlain nan seudan air prìomh rathad an A6, beagan an ear-dheas air Paras.

Tha dragh ann an Uibhist gu bheil Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' cur euslainteach às Uibhist gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a dh'fhaicinn dotair a tha stèidhichte ann an Uibhist. Tha Comhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath air tuilleadh fiosrachaidh iaraidh tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, agus iad a' faighneachd dè cho fada 's a bha seo a' dol air adhart, agus cia mheud euslainteach às Uibhist air an tug e buaidh.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag innse an-diugh dè tha iad a' cur romhpa airson an dà bhliadhna seo tighinn. Tha Ceannard ùr a' Bhùird, Iain Caimbeul, a thòisicheas anns an dreuchd an t-seachdain seo a' foillseachadh ro-innleachd anns a bheil dùil ri prìomhachas do dhaoine òga aig a bheil Gàidhlig, teaghlaichean le òigridh, agus do choimhearsnachdan sa bheil an cànan aig còrr is an còigeamh cuid den t-sluagh.

Tha droch shìde a' toirt buaidh mhòir air seirbheisean aiseig an-diugh a-rithist. Bheir iad sùil air an t-suidheachadh aig 1:00f a thaobh seòladh à Steòrnabhagh aig 2:00f, agus às Ulapul aig 5:30f. Tha na seòlaidhean eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh uile dheth an-diugh. Tha an dearbh rud a' tachairt air aiseag Chaolas na Hearadh, cha bhi i a' seòladh. Tha iad a' toirt sùil air an t-suidheachadh air Caolas Bharraigh aig an àm seo fhèin aig 11:00m, agus sin cuideachd fìor mu dheidhinn seòlaidhean gu ruige Ìle, tha iad a' toirt sùil air an t-suidheachadh an sin aig 11:00m, agus tha an droch shìde a' toirt buaidh le atharrachadh air a' chlàr-ama air mòran eile cuideachd.