BBC Naidheachdan

Ro-innleachd ùr Bhòrd na Gàidhlig

Dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig ro-innleachd ùr Diciadain airson a' Ghaidhlig a chumail beò.

Cuiridh iad barrachd fòcas air a' choimhearsnachd, 's gu sònraichte dèanamh cinnteach gum bi daoine òga ga bruidhinn anns na sgìrean far a bheil i fhathast na cànan làitheil.

Dh'fhoillsich iad cuideachd gu bheil sgeama ùr airson Gàidhlig ionnsachadh do dh'inbhich ga deasachadh.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

Chìthear agallamh shlàn le Mgr Caimbeul an cois artaigil sgrìobhte a tha ceangailte ris an sgeulachd seo.