Dreag mhòr os cionn na Gàidhealtachd
Las na speuran an ard sa cheann a tuath oidhche Dhòmhnaich, agus dreag mhòr a' dol na deann tron iarmailt.
Bha aithrisean ann de dhaoine ga faicinn air feadh a' chinn a tuath.
Bha aon duine fortanach gu leòr dealbh fhaighinn den dreig, ged nach robh e idir ag amas air.
Bha Iain Alasdair Dòmhnallach a' togail dhealbhan air bruaichean Loch Nis.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.