Casg aig Blàr Buidhe
Chan eil dachaigh-chùraim Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh a' gabhail gin de luchd-fuirich ùra, 's rannsachadh a' dol mu ìrean bìdhe ann.
Chaidh an rannsachadh a chur an sàs le Comhairle nan Eilean Siar, 's dragh air thighinn am bàrr mu a dheidhinn.
'S iad a' chompanaidh HC1 a tha a' ruith na dachaigh, a chuir an casg an sàs gu saor-thoileach.
Tha Ruairidh Rothach ag aithris.