Co-chomhairleachadh air seann sgoil
Dè bu chòir a dhèanamh leis an t-seann togalach sgoile air Rathad Achadh an Todhair anns a' Ghearasdan?
Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson oifisean a dhèanamh dheth, agus na trì oifisean a th' aca sa bhaile mu thràth a thoirt còmhla ann.
Thathas a' dol a chumail co-chomhairleachaidh mu na planaichean sin a-nis.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.