Naidheachdan 11:00m

Fhuair daoine air feadh Bhreatainn sealladh an-diugh air an dubhadh-grèine as motha bho chionn 16 bliadhna. Bha sgìrean de cheann a tuath na h-Alba ge-tà, far nach robh sin cho follaiseach, leis cho sgòthach 's a bha i. Bidh 11 bhliadhna eile ann mus tig dubhadh-grèine den t-seòrsa seo taobh Bhreatainn.

Tha co-labhairt Libearalach Deamocratach na h-Alba a' tòiseachadh an Obar Dheathain an-diugh 's iad a' cumail a-mach gun tug a' phàrtaidh buaidh mhòr air a' cho-bhanntachd riadhlaidh anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha àrd-mhinistearan ag ràdh gur iad na Lib-Deamaich a chuir an Riaghaltas air cùrsa eadar eaconamaidh nas làidire agus dùthaich a tha nas cothromaiche dhan a h-uile duine.

Tha Dàibhidh Camshron anns a' Bhruiseil airson na coinneimh mu dheireadh aig Comhairle na h-Eòrpa mus bi an taghadh coitcheann ann. Thuirt am Prìomhaire gu bheil e airson tilleadh dhan Bhruiseil an dèidh an taghaidh anns a' Chèitean le cead sluaigh Bhreatainn airson atharrachadh a thoirt air càirdeas na Rìoghachd Aonaichte ris a' Chomhairle Eòrpaich.

Chuir an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann càin de £54,000 air Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba, a dh'aidich gun do bhris iad riaghailtean slàinte is sàbhailteachd nuair a chaill fear-smàlaidh a bheatha. Chaidh Eoghan Williamson a mharbhadh ann an teine ann an taigh-seinnse ann an Dùn Èideann ann an 2009.

Bhòt muinntir Bheàrnaraigh Leòdhais airson gluasad air adhart le oidhirp air an oighreachd a cheannach. Bha 142 bhòt ann air a shon, le dìreach 37 na aghaidh. Ghabh 85% den t-sluagh pàirt anns a' bhaileat.

Dh'fhaodadh cùis-lagha ann an Sasainn a thug am follais nach robh airgead subsadaidh ga phàigheadh mar a bu chòir air talamh ionaltraidh buannachd a thoirt do chroitearan na h-Alba. Tha fear a bha na chomhairliche aig Colaiste an Àiteachais agus a tha a-niste ri sgrùdadh poileasaidh dhan Choimisean Eòrpach, Gwyn Jones, ag ràdh gum bi an aon cheist ag èirigh an Alba leis an atharrachadh a thig air taic-airgid an fhearainn a dh'aithghearr le Poileasaidh Coitcheann ùr an Àiteachais.

Tha an t-seann gholfair ainmeil Arnold Palmer a' dealbh raoin-ghoilf airson a' chiad uair ann an Alba. Tha an t-Aimeireaganach a' toirt comhairle air Raon Chaisteal nan Stiùbhartach le plana airson cùrsa ùir air cladach Linne Mhoireibh, faisg air Inbhir Nis.