BBC Naidheachdan

Seirbheis ùr trèana-oidhche

Tha am Prìomh Ministear air a bhith an Inbhir Nis, a' foillseachadh na seirbheis trèana-oidhche ùire a thòisicheas eadar a' Ghàidhealtachd 's Lunnainn an ath-sheachdain.

Gabhaidh Serco thairis an Caledonian Sleeper bho FirstScotrail.

Dh'ainmich Nicola Sturgeon trèana le suaicheantas ùr na companaidh, 's dh'fhosgail i Ionad Aoigheachd do luchd-siubhail.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.