Gàidhlig "a' bàsachadh" an Eaglais na h-Alba
Tha a' Ghàidhlig ann an cunnart bàsachadh ann an Eaglais na h-Alba, ma leanas cùisean mar a tha iad.
Sin an rabhadh làidir a chaidh a thoirt seachad aig co-labhairt a chuir an eaglais air dòigh aig an deireadh-sheachdain.
Bha "A' Chiad Cheum" a' beachdachadh air mar a ghabhas adhradh Gàidhlig a leasachadh san eaglais.
Tha an aithris-seo aig Coinneach Mac a' Ghobhainn.