Ceistean fhathast mu aonta shlàinte
Le dìreach seachdain ri dhol mus feum Comhairle agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar tighinn gu aonta a thaobh seirbheisean slàinte - tha ceistean fhathast gan togail.
Dh'aontaich buill den Bhòrd Shlàinte Diciadain cuid de na seirbheisean acasan a chumail às an aonta - ged a dh'fheumas iad cead fhaighinn bhon Riaghltas air a shon.
Tha ceist ann cuideachd mu rudan leithid ionmhasi agus làimhseachadh ghearainnean.
Tha Catriona NicIllinein ag aithris.