Naidheachdan 11:00m

Tha luchd-rannsachaidh a th' air a bhith a' sgrùdadh flat co-phìleat a' phlèana le Germanwings a thàinig a-nuas anns na h-Alps air fianais fhaighinn gun robh duilgheadas slàinte inntinn aige, a rèir aithris. Tha dùil gun do ghlas Andreas Lubitz am pìleat a-mach à cockpit a' phlèana mus do sgèith e a dh'aona-ghnothaich ri cliathaich beinne. Chaochail a h-uile duine den 150 a bh' air bòrd.

Chaidh Ed Miliband agus Dàibhidh Camshron a cheasnachadh air leithid in-imreachd, an t-Aonadh Eòrpach agus na planaichean cosg aca anns a' chiad phrògram telebhisein le ceannardan Poileataigeach ron taghadh choitcheann. Thuirt am Prìomhaire gun do thionndaidh e an eaconamaidh, fhad 's a thuirt ceannard nan Làbarach gun robh e treun gu leòr airson a bhith na Phrìomhaire.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba fiosrachadh mu chùmhnant ùr nan seirbehisean adhair PSO air an tèid tagraidhean iarraidh bhon ath-mhìos. Thuirt Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gum bi dà sheirbheis san là air ais 's air adhart eadar Glaschu is Barraigh, agus Glaschu is Tiriodh bho Dhiluain gu Disathairne, agus gum bi seirbheis Sàbaid ann fad na bliadhna. Thèid cuideachd an ceann-là airson seirbheisean sàbaid a thòiseachadh à Ceann Loch Chille Chiarain a thoirt air adhart bhon Ògmhios chun a' Chèitein. Tòisichidh an cùmhnant ùr anns an Damhair.

Chaidh dragh a thogail mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig faraidhean saora RET ann am Muile, agus ìsleachadh a' tighinn air na faraidhean-aiseig san Damhair. A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Catriona NicIllEathain, a bhuineas dhan eilean, nach eil bun-structair an eilein freagarach airson àrdachadh mòr ann an àireamh luchd-turais, ged is e rud math a bhios ann an RET do thurasachd. Thèid RET a leudachadh chun a h-uile seirbheis aiseig air a' chosta an iar as t-Fhoghair.

Cha chruthaich atharrachadh anns an lagh ach àireamh bheag de dh'aonadan Gàidhlig ùra ann an sgoiltean, a rèir an Riaghaltais. Tha Bile ùr an Fhoghlaim ag ràdh gum feum ùghdarrasan ionadail a bhith a' dèiligeadh ri iarrtasan a thig thuca airson aonadan Gàidhlig ùra. Ach tha pàipearan mìneachaidh an Riaghaltais fhèin ag ràdh nach sùilicheadh iad barrachd air aon aonad Gàidhlig ùr gach dàrnacha bliadhna ri linn a' Bhile.

Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gum faodadh mìltean de dh'oileanaich ann am Breatainn a bhith a' dol a dh'obair ann an gnìomhachas feise a phàigheadh airson nan cùrsaichean aca. Tha pròiseact luchd-obrach na feise a th' air a bhith a' dol aig Oilthigh Swansea a' dèanamh dheth gu bheil an còigeamh cuid de dh'oileanaich air sin a dhèanamh.