Còd-obrach 'son stad is sgrùdadh?

Bu chòir còd-obrach a stèidheachadh airson riaghladh mar a bhios Poilis na h-Alba a' stad agus a' sgrùdadh dhaoine.

Sin na tha aithisg ùr bho luchd-sgrùdaidh na Bànrighinn airson Poilis ann an Alba ag ràdh, agus iad a' càineadh an t-siostaim a th' ann an-dràsta.

Mar fhreagairt air an seo, dhearbh Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a-nis air buidheann-comhairleachaidh a stèidheachadh gus a' chùis a sgrùdadh.

Tha Calum MacIlleathain ag aithris.