Mì-thoileachas mu chlàr-ama an aiseig bhathair

Tha mì-thoileachas air nochdadh am measg chompanaidhean-bathair ann an Leòdhas mun chlar-ama ùr airson na seirbheis bathair eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Thàinig atharrachadh air an t-seachdainn seo leis gu bheil an Loch Seaforth a-nis air an t-seirbheis a ghabhail thairis.

A rèir nan companaidhean, tha seo a' ciallachadh nach eil cuid de bhathair a' nochdadh ann an Steòrnabhagh gu feasgar, an àite tràth sa mhadainn.

Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.

Air fhoillseachadh