BBC Naidheachdan

Cùrsa nan tidsearan

'S fhada bho thòisich uallach mun dìth thidsearan a th' ann a theagaisgeas diofar chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha cùrsa ùr a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh a bu chòir feum a dhèanamh.

Tha e ag amas air feadhain aig a bheil Gaidhlig 's aig a bheil ceum ann an raon farsaing de chuspairean.