BBC Naidheachdan

Luchd-smàlaidh a' strì ri teine Inbhir Nis

Chaidh aig luchd-smàlaidh air smachd a chur air teine mòr ann am meadhan Inbhir Nis oidhche Chiadain.

Bha 9 carabadan a' dèiligeadh ris an teine os chionn bùth M&Co air Sràid na h-Acadamaidh.

Bha ceò fhathast ag èiridh às an togalach aig 10m Diardaoin.