BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, gu bheil Dàibhidh Camshron a' cur teagamh ann am bunaid na Rìoghachd Aonaichte le bhith a' sìor-mhaoidheadh mun chunnart a bhiodh ann an riaghaltas beag-chuid Làbarach le taic an SNP. Canaidh an t-seann Phrìomhaire Iain Major an-diugh fhathast gun gabhadh an SNP brath air riaghaltas den t-seòrsa sin. Ach tha feadhainn eile sa Phàrtaidh Thòraidheach - seann Rùnaire na h-Alba am Morair Forsyth nam measg - ag ràdh gu bheil Mgr Camshron ri cleas chunnartach gun lèirsinn.

Dh'fhoillsich Libearalaich Dheamocratach na h-Alba am manifesto an-diugh 's iad a' tabhainn 10 bliadhna de chothroman air muinntir na h-Alba. Thuirt an Ceannard, Willie Rennie, ann an Dùn Èideann gu bheil iad am beachd togail air na rinn iad mar thà ann an riaghaltas co-bhanntachd ann an Westminster.

Dh'fhoillsich am pàrtaidh as motha air taobh an Aonaidh ann an Èirinn a Tuath, an DUP, am manifesto an-diugh cuideachd 's iad ag iarraidh tuilleadh airgid a chur an sàs ann am bun-structar agus cosnadh anns an sgìre. Thuirt an Ceannard, Peter Robinson, gur e leasachadh air eaconamaidh Èireann a Tuath am prìomh amas.

Thàinig rabhadh bho sheann Rùnaire na Dùthcha, Uilleam Hague, nach eil fuasgladh sgiobalta ann dhan trioblaid le imrichean anns a' Mhuir Mheadhan-Thìrich. Chaidh Mgr Hague às àicheadh gur e pàirt Bhreatainn ann an cur às do Riaghaltas a' Chòirnealair Ghadaffi ann an Libia as coireach ris an trioblaid. Chaidh sgiobair agus oifigear eile a' bhàta a chaidh fodha Disathairne a chur an grèim san Eadailt. Tha coltas air a-niste gun deach còrr is 800 duine a bhàthadh.

Tha fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Hamish Friseal, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh airgid a chur ris a' phrìomh rathad tron eilean - an A87. Tha seirbheis aiseig chàraichean agus bathair Steòrnabhaigh a' tighinn a-steach a dh'Ùige an-dràsta airson mìos fhad 's a tha leasachadh aig alt-aiseig Ulapuil. Tha Hamish Friseal ag ràdh gu bheil an rathad tron eilean dona gu leòr an-dràsta, agus nach dèan a' bharrachd trafaig ach tuilleadh millidh air.

Dh'innis a' chompanaidh iasaid Wonga gun robh call de £37m orra an dèidh bliadhna far am b' fheudar dhaibh sguir de shanasachd. Thàinig orra cuideachd cur às dha na ceudan mhìltean de dh'iasadan nach b' urrainn dhaibh a thogail.