BBC Naidheachdan

Airgead ga iarraidh dhan A87

Tha draghan san Eilean Sgitheanach mun chron a dh' fhaodadh trafaig a bharrach a dhèanamh air a' phrìomh rathad tron eilean.

Tha an Isle of Lewis an-dràsta a' seòladh eadar Steòrnabhagh is Ùige seach Ulapul is obair a' dol air an alt-aiseig an sin.

Tha comhairlichean Sgitheanach ag ràdh gum bu chòir dhan riaghaltas airgead a chosg air an A87 ri linn is gum bi an rathad nas trainge na an àbhaist.