Bìrlinn ga taisbeanadh an Uibhist
Tha ath-chruthachadh de sheann bhìrlinn a thogar le a bhith a' cleachdadh fiosrachaidh bho chlachan uaighe air taobh siar na h-Alba a-nis ri fhaicinn aig taigh-tasgaidh ann an Uibhist a Deas.
Chaidh an "Aileach", mar a thathas a' gabhail orra, a thoirt gu Taigh-tasgaidh Chill Donnain aig deireadh na seachdain.
Tha dòchas ann gum bi i na tarraing mhòr dha luchd-turais thar mhìosan an t-Samhraidh.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.