Sgoil na h-Àirde ri leagail
Cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar gur e a leagail an rud as fheàrr a dhèanamh le seann Bhun-sgoil na h-Àirde anns an Rubha ann an Leòdhas.
Chaidh milleadh mòr a dhèanamh air an togalach ann an stoirm aig toiseach na bliadhna.
Adhbhraichidh seo duilgheadas do dh'Fhèill Àiteachais an Rubha, a bhios a' cleachdadh na sgoile agus an fhearainn mun cuairt oirre.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.