BBC Naidheachdan

Bhòt-earbsa an Tè-Ghairm Choimisein na Croitearachd

Chaidh iarraidh air Ministear Àrainneachd na h-Alba, Aileen NicLeòid, bhòt-earbsa a chumail mu Thè-Ghairm Choimisein na Croitearachd, Susan Walker.

Chuir còignear den naoinear bhall den Choimisean an ainm ri litir, leis an iarrtas, chun a' Mhinisteir.

'S iad Riaghaltas na h-Alba a chuir Susan Walker dhan dreuchd.

Bha ballrachd a' Choimisein ag iarraidh a' chumhachd sin dhaibh fhèin.

Thagh croitearan sianar de na buill agus thagh an Riaghaltas an triùir eile.

Tha trì seachdainnean a-nis aig a' Mhinistear coinneamh shònraichte a ghairm.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.