BBC Naidheachdan

25 bliadhna bho thubaist an Shackleton

Bha 25 bliadhna ann Diardaoin bho chaill deichnear am beatha ann an tubaist adhair sna Hearadh.

Bha an t-itealan Shackleton air turas trèanaidh bho RAF Inbhir Lòsaidh nuair a bhuail i ann an cliathaich beinne ann an ceann a deas an eilein.

A-niste tha cuimhneachan beag air mullach na beinne ag ràdh nach tèid na chaill am beatha à cuimhne a chaoidh.

Tha tuilleadh aig Ruairidh Rothach.