"A' diùltadh nam milleanan notaichean"
Leis an àireimh de chrainn-ghaoithe a' dol am meud air feadh na dùthcha, tha uachdaran faisg air Ulapul air tairgsean a dhiùltadh bho thrì companaidhean cumhachd ath-nuadhachail airson tuath-gaoithe air an fhearann aice.
Thuirt Jenny Scobie, leis a bheil òighreachd an Ruigh Dhuirche, faisg air Ulapul, nach toir i gu bràth cead do chrainn-ghaoithe, fiù 's ged a tha i a' call a-mach air na milleanan nòtaichean.
Tha an aithris seo aig Pàdraig MacAmhlaigh.