Tuilleadh chumhachdan do na h-Eileanan?
Iarraidh riochdairean na h-iomairt 'Ar n-Eileanan Ri Teachd' còmhraidhean ris an Riaghaltas ùr ann an Lunnainn agus iad a' coimhead ri gluasad air adhart le plana 'son tuilleadh chumhachdan dha na h-ùghdarrasan eileanach.
Tha iad ag ràdh cuideachd gun gabh iad brath air cothrom sam bith a thig à suidheachadh ùr Westminster 'son chumhachdan a bharrachd air na chaidh a dheasbad gu ruige seo.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 13 An Cèitean 2015
- Earrann
- Naidheachdan