Port ùr Loch Baghasdail ga chur gu feum
Tha port ùr Loch Baghasdail a-nis ga chur gu feum.
Tha na h-iasgairean a' seòladh às, agus tha dùil ris a' chiad bhàta-siùil ann Disathairne.
Thug am pròiseact leasachaidh faisg air dà bhliadhna a' cosg mu £10m.
Chan eil an seo ach a' chiad phìos den obair a nì Leasachadh Loch Baghasdail Earranta, a' chompanaidh a chuir an t-uachdran coimhearsnachd Stòras Uibhist air bhonn.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 15 An Cèitean 2015
- Earrann
- Naidheachdan